Please note that the suspension bridge and path to the viewing platform will be closed for engineering works on Thursday 24 April. The Gateway to Nature welcome centre will be open as usual, as will the Gateway path and the circular Lady Fowler’s Fern Walk, so we hope that you still enjoy your visit.
Mun àite seo
Coisich thairis air an drochaid-chrochaidh, agus Abhainn Droma a’ sruthadh tron mhòr-ghil foidhpe.
- Theirig tarsaing air an drochaid-chrochaidh agus faic seallaidhean mìorbhaileach de dh'Easan na Miasaich a’ sruthadh do thè de na mòr-ghil as iongantaiche ann am Breatainn.
- Lean na ceuman-coiseachd tron choille gus deagh sheallaidhean fhaighinn den sgìre timcheall.
- Cùm sùil a-mach airson nan diofar ghnèithean rainteach a tha a’ fàs ann am meanbh-ghnàth-shìde na mòr-ghil.
- ÙR airson 2023! Tha Ionad Slighe gu Nàdar, Coire Shalach, a-nis fosgailte, le goireasan ùra, a’ gabhail a-steach taighean-beaga, goireasan teàirrdseadh chàraichean agus cafaidh far am faighear biadh ri thoirt air falbh.
’S e Coire Shalach an t-ainm a th’ air a’ clais-mhòir seo a tha mìle a dh’fhaid agus tro bheil Abhainn Droma a’ ruith. Tha an t-ainm a’ ciallachadh lag a tha truaillidh, truaillte, lobhte no grànda. Ach chan eil an t-ainm uamhasach ceart.
Tha Coire Shalach air aon de na mòr-ghil as iongantaiche de a sheòrsa ann am Breatainn agus tha i a’ toirt fianais shoilleir dhuinn air mar a chruthaicheas uisge-leaghaidh bho eigh-shruthan mòr-ghilean domhainn. Dìreach dràibh ghoirid bho Ullapul agus dìreach uair a thìde bho Inbhir Nis, is e seo an t-àite as fheàrr airson fìor dheagh chuairt teaghlaich!
Bheir ceum-coiseachd goirid cas thu gu drochaid-chrochaidh Bhictorianach, far am faigh thu sealladh sìos air sreath de dh’easan beothail.
Tha inbhe aig Coire Shalach mar Thèarmann Nàdair Nàiseanta mar chomharra air a’ mhòr-ghil dhreachmhor agus air a’ choille mun cuairt. Tha i cuideachd na dachaigh do ghnè shònraichte de bhreabadair a tha tearc gu nàiseanta, a tha a’ dèanamh gu math ann am fiodh tais a tha air grodadh ann an ceàrnaidhean dubharach.
Na h-uairean-fosglaidh an-diugh
- Coire Shalach
- Open daily
- Ionad agus Cafaidh Slighe gu Nàdar
- 9.30–16.00 (car park locked 17.00)
Prìs inntrigidh
- Adult
- Free
- Family
- Free
- One adult family
- Free
- Concession
- Free
Bàrr-phuing
An robh fios agad?
Gheibh sreapadairean mòr-ghil a-steach do cheàrnaidhean nach fhaicear ann an suirbhidhean àbhaisteach - bidh iad gar cuideachadh gus gnèithean ionnsaigheach fhaicinn anns a’ mhòr-ghil nach fhaiceadh duine sam bith eile!