Join

Tha Coire Shalach air tè de na mòr-ghil bogsach as iongantaiche ann am Breatainn, a’ sealltainn na buaidh as urrainn uisge is deigh a thoirt air cruth-tìre.

Aig grunn amannan nuair a chaidh eigh-shruthan a chruthachadh anns na linn deighe Quaternary, eadar 2.6 millean agus 11,500 bliadhna air ais, lìon eigh-shruth mòr gleann Loch Bhraoin. Bha uisge-leaghaidh eigh-shruthach a’ sruthadh tro sgàinidhean nàdarra san fho-chreig, a’ snaidheadh mòr-ghil mu 1.5km de dh’fhaid agus 60m de dhoimhneachd.

’S e creagan Mòine (Moine rocks) a chanar ris a’ mheasgachadh de chlachan-eabar (seòrsaichean creige air a dèanamh à eabar) agus clachan-gainmhich a gheibhear san sgìre seo. Chruthaich iad seòrsa sònraichte de chreig mhìn-ghràinneanach ris an canar mylonite, a bhios a’ sgoltadh gu furasta agus anns a bheil brisidhean agus sgàinidhean bheartagail. Chaidh blocaichean mòra den chreig seo a shnaigheadh a-mach leis na sruthan uisge. Tha gu leòr clach-èite sna clachan seo - chì thu stiallan geala (clach-èite) annta. Chaidh iad seo a chruthachadh le lionntan teth a’ gluasad tro sgàinidhean sa chreig.

An-diugh, tha Abhainn Droma a’ sruthadh 100m tron mhòr-ghil chas, chaol air turas ¾ mìle ann an sreath de dh’easan, agus ’s e Easan na Miasaich, a tha 45m a dh’àirde, am fear as drùidhtiche dhiubh sin. Tha miasach san ainm "Easan na Miasaich" a’ ciallachadh 'àite nan truinnsearan'. Tha seo mar thoradh air na h-ulpagan rèidh, cruinn (a tha a’ coimhead gu math coltach ri truinnsearan) air bun na h-aibhne os cionn an easa.