Bheir sreath de cheuman-coiseachd cothrom dhut an ulaidh fhalaichte seo de chruth-tìre na Gàidhealtachd fhaicinn, rud nach fhaic gu leòr daoine.
Coisich ann an ceumannan na Baintighearna Fowler air Slighe an Rainich (20 mionaidean), no gabh a’ phrìomh shlighe a tha nas giorra (10 mionaidean) chun na drochaid-chrochaidh, gad bhogadh fhèin ann an seallaidhean, fuaimean agus fàilidhean na h-àrainneachd beairtich seo.
Faodar an dà shlighe a dhèanamh mar chuairt, a tha a’ dol gu drochaid-crochaidh Bhictorianach, far am faigh thu sealladh sìos thairis air an eas mhòr. Cùm air adhart bhon drochaid dhan àrd-ùrlar seallaidh stàrr-chrannach, às am faigh thu sealladh a-steach dhan mhòr-ghil iongantach seo a tha 60m a dhoimhneachd.
Gabh adhar Coire Shalach air d' anail a tha làn fhàile giuthais agus boinneagan uisge, faic an ceò ag èirigh gu socair agus leig le fuaim an eas agus na h-aibhne beothail a dhol tromhad.