Tha doimhneachd na mòr-ghile a’ cruthachadh meanbh-gnàth-shìde tais agus fasgach le lusan beartach agus eadar-mheasgte, far a bheil còinneach agus raineach pailt. Faic cia mheud ghnèithean rainich a chì thu nuair a bhios tu a’ coiseachd air Slighe Raineach a’ Bhaintighearna Fowler. Tha cuid de na h-eisimpleirean a’ gabhail a-steach raineach Moire (Athyrium filix-femina), marc-raineach chumanta (Dryopteris filix-mas) agus teanga an fhèidh (Asplenium scolopendrium).
Tha a’ mhòr-ghil cuideachd na dachaigh do ghnè shònraichte de bhreabadair (Lipsothrix ecucullata) a tha tearc gu nàiseanta, a tha a’ dèanamh gu math bhon fhiodh tais a tha air grodadh ann an ceàrnaidhean dubharach.
Bheir an t-earrach leis ùr-fhàs agus flùraichean fiadhaich fo bhlàth anns a’ mhòr-ghil gu h-ìosal. Tha an àrainneachd dhorcha, dhubharach freagarrach airson lusan mar bodan-coille (sanicula europaea). Bidh seòrsaichean rainich a tha dèidheil air dubhar agus lusan leithid sealbhag nam fiadh, lus-crè talmhainn agus clach-bhriseach cuideachd a’ soirbheachadh aig na h-ìrean as ìsle.
As t-samhradh chì agus cluinnidh tu eòin na coille anns a’ mhòr-ghil, agus bidh fithich gu tric a’ neadachadh air an leac ri taobh na drochaid-chrochaidh. Chithear iolairean-buidhe uaireannan àrd os cionn a’ mhòr-ghil. Agus gu h-ìosal, tha bric a’ fuireach anns na linneachan as doimhne den mhòr-ghil.
As t-fhoghar, air oir na mòr-ghil, chithear craobhan dùthchasach leithid beithe, caorann, darach, calltainn, leamhan agus giuthas ann an dathan gleansach an fhoghair. Na dìochuimhnich sùil a chumail a-mach airson durcain-ghiuthais a chaidh ithe a tha a’ coimhead caran coltach ri dias Innseanach (corn-on-the-cob) – ’s e deagh chomharra a tha seo gu bheil an fheòrag ruadh air a bhith ann.
Thoir sùil air an iùl fiadh-bheatha againn airson Coire Shalach, agus faic cia mheud beathach a chì thu san ath thuras agad: