Join
The island of Hirta, in the St Kilda archipelago
Innse Gall

Làrach Nàdar is Dualchas na Cruinne ann an Hiort

Leugh anns a: English

Mun àite seo

Tha faileasean an àma a dh’fhalbh nan laighe air na h-eileanan seo, far a bheil na colanaidhean as motha de bhuthaidean san RA.

  • Seo an t-aon Làrach Dualchas na Cruinne dùbailte aig UNESCO san RA, agus tha i air aon de dìreach 39 dhiubh sin san t-saoghal.
  • Tha Hiort na dhachaigh do cha mhòr millean eun-mara, a’ gabhail a-steach a’ cholonaidh as motha de bhuthaidean.
  • Chaidh an t-eilean a thrèigsinn air 29 Lùnastal 1930 nuair a bhòt na 36 eileanaich mu dheireadh gus fàgail a chionn ’s nach robh an dòigh-beatha aca seasmhach tuilleadh.
  • Tha an dreathan-donn sònraichte aige fhèin aig Hiort, a bharrachd air fo-ghnè luchaig a tha a dhà uimhir cho mòr ris an luchaig-fheòir Bhreatannaich.

Chan eil àite sam bith eile ann a tha coltach ri Hiort. A’ tighinn a-mach à uisgeachan stoirmeil a’ Chuain Siar, tha na bearraidhean agus na stacan mara aige air an cuairteachadh leis a’ ghlaodhadh aig na ceudan de mhìltean de dh’eòin-mhara.

Tha Hiort air aithneachadh gu h-eadar-nàiseanta airson a chuid eunlaith ach tha e a cheart cho ainmeil airson eachdraidh a shluaigh. Bha coimhearsnachdan an seo fad co-dhiù 4,000 bliadhna, a’ dèanamh feum de na colanaidhean mòra de shùlairean, fulmairean agus buthaidean airson biadh, itean agus ola.

Dh’fhàg na 36 eileanaich mu dheireadh an t-eilean ann an 1930. Ged nach eil sluagh ann tuilleadh, is urrainn do luchd-tadhail siubhal do na h-eileanan air ‘oir an t-saoghail’ airson turas do bheatha ma tha iad treun gu leòr gus an aimsir fhulang.

Seall barrachd

Na h-uairean-fosglaidh an-diugh

Hiort
Open daily
Faic na h-uairean fosglaidh air fad

Prìs inntrigidh

Adult
Free
Family
Free
One adult family
Free
Concession
Free
Faic na prìsean inntrigidh uile

Ballrachd

Tha inntrigeadh an-asgaidh do na buill uile

Ballrachd bho £5.20 / Mìos

Rangachadh Tripadvisor

An robh fios agad?

Tha Hiort air aon de dìreach 39 àiteachan air feadh an t-saoghail a fhuair Inbhe Dualchas na Cruinne ‘measgaichte’ airson cho chudromach ’s a tha e gu nàdarra agus gu cultarach.