Join

Eileanan

Tha buidheann eileanan Hiort, an t-àite as iomallaiche ann am Breatainn, 41 mile (66km) an iar air Beinn na Faoghla anns na h-Eileanan an Iar.

Anns a’ bhuidheann eileanan, tha prìomh eilean Hiort, cho math ri Boraraigh, an Dùn agus Sòthaigh, agus na stacan mara Leibhinis, Stac an Àrmainn (191m) agus Stac Lì (165m) - am fear as àirde ann am Breatainn.

Leis na bearaidhean is stacan mara air leth aca, ’s e an làrach briodachaidh as cudromaiche do dh’eòin-mhara ann an iar-thuath na h-Eòrpa a th’ anns na h-eileanan. Bidh an coileanaidh as motha san t-saoghal de shùlairean a’ neadachadh air Boraraigh agus air na stacan mara.

Tha Hiort air aon de na h-àiteachan as fheàrr ann am Breatainn airson daibheadh mar thoradh air an uisge shoilleir agus na h-uaimhean, tunailean agus boghachan fon uisge.