Tha sluagh air a bhith ann an Hiort bho amannan ro-eachdraidheil, a’ gabhail brath air stòrasan beartach na mara, a’ fàs bàrr agus a’ cumail bheathaichean. Chan eil e soilleir cuine a thàinig daoine a dh’fhuireach ann an Hiort an toiseach, ach chaidh innealan cloiche sìmplidh a lorg ann an Hiort agus dh’fhaodte gu bheil sin a’ ciallachadh gun deach luchd-siubhail às na h-Eileanan an Iar do Hiort ann an Linn an Umha bho chionn timcheall air 4,000-5,000 bliadhna. Anns na 1830an, lorg an t-Urr. Niall MacCoinnich na tha air fhàgail, is dòcha, de chisteachan tìodhlacaidh anns a’ Bhaile. Lorg cladhach àrc-eòlach làrach a dh’fhaodadh a bhith na structar tìodhlachaidh bho Linn an Umha.
Chaidh am baile mar a tha e an-diugh a dhealbhadh leis an Urramach Niall MacCoinnich anns na 1830an agus tha e a’ gabhail a-steach corran de thaighean le iomairean àiteach co-cheangailte riutha, uile taobh a-staigh gàrradh cinn. Bha na taighean a chaidh a thogail anns na 1830an mar thaighean-dubha àbhaisteach ann an Innse Gall – le aon seòmar, leis a’ chrodh a’ fuireach annta sa gheamhradh. Chaidh taighean ùra a thogail anns na 1860an. Bha iad sin air an dèanamh a rèir stoidhle àbhaisteach Innse Gall le lobaidh inntrigidh, clòsaid bheag air a chùlaibh, agus dà phrìomh sheòmar.
Tha na ceudan de chleitean sgapte timcheall air a’ bhaile. ’S e stòrasan de bhalla cloiche nach fhaighear ann ach ann an Hiort a th’ annta agus gheibhear iad air feadh eileanan agus stacan Hiort agus tha mu 1,400 dhiubh ann uile gu lèir. Bha iad gan cleachdadh mar stòr agus àite tiormachaidh airson eòin, uighean agus itean, airson bàrr a chaidh a bhuain, agus airson sgrathan connaidh.