Join
Faic a h-uile sgeulachd
8 Màrt 2021

A’ chiad shealladh air Planaichean Choire Shalach

A view looking along a deep, woodland gorge towards a waterfall. A suspension bridge spans the gorge above the waterfall.
Leugh anns a: English
Tha an t-Urras gu bhith a’ cruthachadh slighe a-steach do Nàdar aig Mòr-ghil Coire Shalach.

Tha planaichean aig an Urras gus goireasan ùra a chruthachadh do luchd-tadhail air làrach na drochaid-chrochaidh eachdraidheil.

Tha na planaichean a’ gabhail a-steach taighean-beaga, Wi-Fi, blue loo airson bhanaichean campachaidh, goireasan pàircidh is frith-rathaidean nas fheàrr, cho math ri soidhnichean-slighe agus mìneachadh nas fheàrr timcheall air an Teàrmann Nàdar Nàiseanta, gus am bi turas nas fheàrr aig an 140,000 luchd-tadhail gach bliadhna.

Cuidichidh am pròiseact cuideachd le bhith a’ riaghladh an luchd-tadhail dhan Tèarmann Nàdair Nàiseanta gu sàbhailte agus seasmhach, a’ dèanamh cinnteach gu bheilear a’ coimhead às dèidh dualchas nàdarra togte Coire Shalach, aig an àm seo agus san àm ri teachd.

Le a suidheachadh brèagha agus seallaidhean air leth, tha àireamhan an luchd-tadhail air leudachadh 60% aig Mòr-ghil Coire Shalach bho 2012, le cha mhòr 140,000 luchd-tadhail clàraichte ann an 2017/18.

Illustration of new visitor facility plans at Corrieshalloch Gorge
Dealbh neach-ealain den choltas a dh’fhaodadh a bhith air na goireasan ùra do luchd-tadhail aig Mòr-ghil Coire Shalach.
Quote
“Tha Mòr-ghil Coire Shalach air aon de dh’ulaidhean nàdair na h-Alba agus feumar a dìon, aig an àm seo agus airson ginealaichean ri teachd.”
Clea Warner
Àrd-mhanaidsear airson na Gàidhealtachd is nan Eilean
A smiling woman stands in a grassy field, with the mountains of Glencoe rising behind her. She wears a navy National Trust for Scotland soft shell jacket.

Thuirt Clea Warner, Àrd-mhanaidsear airson na Gàidhealtachd is nan Eilean: ‘Tha an t-urras fìor thoilichte a bhith a’ dol air adhart leis a’ phròiseact chudromach seo agus a bhith a’ co-roinn barrachd fiosrachaidh mu na planaichean againn aig a’ choinneimh air-loidhne againn. Tha tòrr dhaoine sa choimhearsnachd air an taic a chumail ri seo gu ruige seo agus tha sinn gu math taingeil.

‘Is e am plana againn geata a-steach do nàdar a chruthachadh agus cur ri cho math ’s a tha tursan dhaoine dhan àite shònraichte seo, agus gus an urrainnear fàilte a chur air luchd-tadhail ann an dòigh a bheir buaidh nas lugha air an àrainneachd agus air na coimhearsnachdan ionadail agus a chuidicheas le bhith a’ cumail na Gàidhealtachd brèagha dhan a h-uile duine.’

Fhuair a’ phròiseact, a chosgas £2.3 millean, maoineachadh luach £923,277 bho Mhaoin Dualchais Nàdarra agus Cultarach. Tha e na phàirt de phrògram luach cha mhòr £9 millean de phròiseactan Albannach gus tasgadh sa Ghàidhealtachd agus sna h-Eileanan, gus barrachd chothroman, agus cothroman nas fheàrr a chruthachadh do luchd-tadhail gus tlachd a ghabhail à dualchas nàdair agus cultarach. Tha Maoin Dualchais Nàdarra agus Cultarach air a stiùireadh le NatureScot agus tha e air a leth-mhaoineachadh tro Mhaoin Leasachaidh Eòrpach.

Bidh Maoin Dualchais Nàdarra is Cultarach a’ brosnachadh dhaoine gus tadhal air cuid de na sgìrean as iomallaiche agus as dùthchaile agus gus obraichean, gnìomhachasan agus seirbheisean a chruthachadh agus a chumail suas ann an coimhearsnachdan ionadail. ’S e adhbhar na maoine a bhith a’ brosnachadh dualchais nàdarra is cultarach air leth na Gàidhealtachd ann an dòigh a tha gan glèidheadh is gan dìon.

Air a stiùireadh le Catriona Hill, chaidh Ailtirean Oberlanders fhastadh, còmhla ri David Narro (Einnseanairean Catharra is Structarail), Rybka (Einnseanairean Meacanaigeach is Dealain) agus Horner & Maclennan (Ailtirean Cruth-tìre) gus seirbheisean sgioba dealbhaidh a thoirt seachad airson pròiseact Ionad Luchd-tadhail Mòr-ghil Coire Shalach. Tha Gardiner Theobald a’ toirt seachad seirbheisean Stiùireadh Pròiseact agus Suirbheidheadh Uireadan.

Thagh Oberlanders an sgioba dealbhaidh aca airson na Gàidhealtachd is nan Eilean stèidhichte air deagh dhàimhean obrach a bh’ ann roimhe agus air eòlas air pròiseactan eile coltach ri seo ann an àiteachan dùthchail. Tha eòlas farsaing aig Oberlanders a bheir buaidh air an dòigh-obrach aca air a’ phròiseact seo, a’ gabhail a-steach Ionad Luchd-tadhail Eas Sin (faisg air an Luirg), Togalach Cala a’ Chidhe a Tuath (an t-Òban), Ionad Geo-teicnigeach Clachan Sgobhairigh agus Taigh-tasgaidh Shrath Nabhair.

Thuirt Catriona Hill, Prìomh Neach-comhairleachaidh agus Com-pàirtiche aig Oberlanders: ‘Saoilidh mi gur e Mòr-ghil Coire Salach an rùn dìomhair as motha a th’ aig a’ Ghàidhealtachd. Tha e gu tur iongantach agus cha do dhìochuimhnich mi a’ bhuaidh a bh’ aig an àite orm a’ chiad turas a chaidh mi ann. Tha mi air leth toilichte a bhith a’ stiùireadh sgioba dealbhaidh comasach agus dealasach a chuidicheas Urras Nàiseanta na h-Alba gus na miannan aca airson goireasan luchd-tadhail ùra aig Coire Shalach a thoirt gu buil. Tha dùbhlain shònraichte aig an làraich a bheir buaidh air an obair dealbhaidh againn agus tha sinn a’ dèanamh fiughair ri bhith ag obair còmhla gus goireasan a chruthachadh a bhios a’ ciallachadh gun urrainn do luchd-tadhail stad ann an cofhurt agus fìor thlachd a ghabhail às an àite. Ag obair gu dlùth leis na h-ailtirean cruth-tìre, nì sinn cinnteach gum bi an leasachadh a’ suidhe gu cofhurtail san àrainneachd nàdarra agus gum fosgail lìonra nam frith-rathaidean ùra tursan gu tur ùr air an làraich.’

A logo for the European Regional Development Fund, showing the EU flag beside a Scottish saltire. Next to this logo is the logo for NatureScot, showing a blue and green leaf.

Explore Corrieshalloch

Visit now