Join
Faic a h-uile sgeulachd
27 Gibl 2023

Bealach ùr Coire Shalach gu an Ionad Nàdair a-nis fosgailte!

Sgrìobhte le Sarah Burnett
Leugh anns a: English
Bheir na goireasan ùra luchd-tadhail aig Gil a’ Choire Shalaich, a’ gabhail a-steach 800m de fhrith-rathaidean is ionadan amhairc, cothrom do bharrachd dhaoine air tlachd a ghabhail às an làraich bhrèagha seo agus cuideachadh le a gleidheadh.

Tha ar Bealach ùr gu an Ionad Nàdair aig a’ Choire Shalach, aon de na gilean as brèagha ann am Breatainn, a-nis fosgailte do luchd-tadhail.

Tha an obair a chaidh a ghabhail os làimh aig an Teàrmann Nàdair Nàiseanta mhìorbhaileach seo air a’ Ghàidhealtachd, a’ gabhail a-steach cruthachadh air goireasan luchd-tadhail le buaidh ìosal agus air an dealbhadh gu faireachdainneil, agus còrr air 800m de shlighean ùra gus ceadachadh do luchd-tadhail lorg fhaighinn air pàirtean den tèarmann nàdair nach fhacas a-riamh roimhe, agus aig an aon àm planntrais is beathaichean mu thimcheall an làraich a dhìon.

Le cuimse air a’ ghil iongantach seo a ghleidheadh, a tha an làthair mar thoradh air uisge eigheadail a’ leaghadh, nì am pròiseact cinnteach gum faodar tlachd a ghabhail às an tèarmann nàdair airson ginealaichean ri teachd.

Bidh seirbheis maor-choille ri làimh a dh’aon ghnothaich gus conaltradh le luchd-tadhail mu làimhseachadh seasmhach agus gnìomhachdan gleidhidh aig an Tèarmann Nàdair Nàiseanta – bho dhìon ghnèithean dùthchasach gu cumail sùil air mar a tha an làrach air a cleachdadh le luchd-tadhail, gu solarachadh an fhiosrachaidh as fheàrr a ghabhas do luchd-tadhail.

Is e aon nì cudromach den phròiseact, ceithir àiteachan amhairc ùra taobh a-staigh an tèarmainn a chruthachadh agus an suidheachadh air an taghadh gu cùramach leis an sgioba ionadail gus luchd-tadhail a chomasachadh air tlachd a ghabhail às na seallaidhean iongantach bho dhiofar thaobhan. Mar urram do dhualchas Gàidhlig na sgìre, tha Màrtainn Hughes am Manaidsear Obrachaidhean, air ainmean Gàidhlig a thoirt do na ceithir ionadan-fradhairc sin: Eas creagach a’ ciallachadh easan a’ tuiteam thar chreagan, Eas stapach a’ ciallachadh easan le ceuman annta, An sruthan a’ ciallachadh sruth uisge beag agus Na leacan a’ ciallachadh chlachan còmhnard.

An aerial view of a narrow suspension bridge spanning a deep gorge. A waterfall crashes down the gorge. Woodland surrounds the banks either side.
Seallaidhean àghmhor bhon drochaid

Thuirt Màrtainn Hughes: ‘Mar neach a tha dealasach a thaobh a’ bhlàir a-muigh agus creag-eòlas, tha àite sònraichte agam nam chridhe don Choire Shalach ach chan e mise a-mhàin a tha ga mheas iongantach. Ged a tha an Coire Salach a’ ciallachadh “lag ghrànda” ann an Gàidhlig, cha b’ urrainn seo a bhith na b’ fhade bhon fhìrinn; is e ann an da-rìribh aon de na h-ulaidhean nàdarra as iongantaiche ann an Alba. Coltach ri mòran fhacail Bheurla nach eil ag eadar-theangachadh dìreach gu Gàidhlig, tha e a’ ciallachadh cuideachd “lùbadh nan uisgeachan” a tha mòran nas coltaiche ris na chì daoine nuair a bhios iad a’ tadhal. Tha a’ ghil sònraichte agus tha daoine an-còmhnaidh air am beò-ghlacadh nuair a thig iad an seo oir tha an t-àite nas coltaiche ri coille-uisge, a dh’aindeoin a bhith suidhichte am measg fraoch is farsaingeachd Gàidhealtachd na h-Alba.

‘Nuair a choimheadas mi air ais gu an uair a thòisich sinn air an obair leasachaidh, chan urrainn dhomh a chreidsinn gu bheil sinn air a dhol bho bhith às aonais siognal fòn ann an 2018, gu goireasan nuadh-aimsireil a chuidicheas luchd-tadhail le eòlas nas fheàrr fhaotainn aig an àite neo-àbhaisteach seo. Tha e dha-rìribh a’ taisbeanadh na h-obrach a tha sinn a’ coileanadh aig Urras Nàiseanta na h-Alba gu an làrach a ghleidheadh, ath-stèidheachadh agus a leasachadh do na ginealaichean ri teachd.’

Martin Hughes, am Manaidsear Obrachaidhean, a’ gabhail fois le cofaidh aig a’ chafaidh ùr greim-siubhail

Bidh cothrom aig luchd-tadhail cuideachd air tlachd a ghabhail à cafaidh grèim-siubhail, àite suidhe còmhdaichte a-muigh, taighean-beaga agus pàirce chàraichean air an robh mòr-fheum còmhla ri puingean neartachaidh dealain do charbadan. Bidh goireasan cuidhteachaidh sgudail glas agus gorm rim faotainn do bhanaichean turasachd.

Tha dealbhadh a’ phròiseict air a stiùireadh le Ailtirean Oberlanders, aig a bheil stiuidothan air feadh Alba, a’ gabhail a-steach a dhà air a’ Ghàidhealtachd. Am measg nam feartan dealbhaidh seasmhach air an gabhail a-steach do na goireasan ùra, tha pumpaichean teas bho èadhair, puingean neartachaidh charbadan dealain, cruinneachadh uisge bhon sgàil-bhrat mullaich airson nan taighean-beaga agus ath-chuairteachadh uisge glas.

Tha Bealach Gil Choire Shalaich mar aon de na prìomh phròiseactan air an lìbhrigeadh tron ro-innleachd 10-bliadhna againn gu Nàdar, Bòidhchead is Dualchas do na h-Uile a lìbhrigeadh, agus tha ar cinn-uidhe a thaobh dualchas dìonaichte Alba a shaidhbhreachadh, a’ ceadachadh do nàdar soirbheachadh agus ga dhèanamh comasach do dh’iomadachd nas motha de dhaoine is coimhearsnachdan air faighinn do na togalaichean againn gus an slàinte is sunnd a thoirt am feabhas.

Thuirt Philip Long OBE, Àrd-Oifigear Urras Nàiseanta na h-Alba: ‘Tha Gil Choire Shalaich cho sònraichte, bho a clach-eòlais air leth agus bun-structar Bhioctòirianach gu na slighean-coiseachd, seallaidhean agus fiosrachadh luchd-tadhail fiadh-bheatha. Tha an obair leasachaidh is gleidhidh a tha air a choileanadh, a’ taisbeanadh gu follaiseach ro-innleachd ùr Urras Nàiseanta na h-Alba ann a bhith airson nàdar, bòidhchead agus dualchas mìorbhaileach na dùthcha a roinn leis na h-uile.

‘Le bhith a’ toirt cothrom a-steach nas fhasa agus nas seasmhaiche don àite shònraichte seo, faodaidh sinn barrachd dhaoine a chuideachadh gu eòlas a chur air bòidhchead anabharrach agus do-chreidsinneach Choire Shalaich, agus aig an aon àm a’ cur gu mòr ris an sgìre ionadail agus na daoine a tha a’ còmhnaidh agus ag obair an seo. Tha sinn fìor thaingeil do chom-pàirtichean agus luchd-taic an Urrais a tha air ar cuideachadh leis a’ phròiseact seo a lìbhrigeadh tro an cuid taic fhialaidh ionmhasail.’

Tha am pròiseact de £3.1 millean air a bhith comasach tro mhaoineachadh de £1,297,071 bhon Mhaoin Dualchais Nàdarra is Cultarach a tha air a stiùireadh le NatureScot agus pàirt-mhaoinichte tro Mhaoin Leasachaidh Roinneil na h-Eòrpa. Is e adhbhar na maoine, dualchas nàdarra is cultarach air leth na Gàidhealtachd agus nan Eilean adhartachadh agus a leasachadh, ann an dòigh a tha gan gleidheadh agus gan dìon, a’ cruthachadh agus a’ cumail suas obraichean, gnothachasan agus seirbheisean ann an coimhearsnachdan ionadail tron seo.

A thuilleadh air sin, tha obair air frith-rathaidean agus eadar-mhìneachadh air an làraich air taic fhaotainn bho chluicheadairean Crannchur Còd-puist nan Daoine tro phròiseact Gràdh do ar Nàdar. Tha an còrr den inbheisteadh airson na h-obrach aig a’ Choire Shalach mar thoradh air an taic fhialaidh leantainnich agus dealas bhuill Urras Nàiseanta na h-Alba agus luchd-taic eile.

Co-thaobhaichte ri geòlas gun choimeas na gile sa bheil mìle a dh’fhaid, a tha mu uair a thìde bho Inbhir Nis agus dìreach 15 mionaidean à Ulapul, faodaidh luchd-tadhail coimhead sìos 100m air easan leumach Abhainn Droma bho dhrochaid crochte Bhioctòirianach na làraich a chaidh a thogail le Sir John Fowler ann an 1873. Chaidh Sir John air adhart a dhealbhadh Drochaid Fhoirthe agus bha e gu mòr an sàs ann an dealbhadh Trèana Fo-thalamh Lunnainn. O chionn ghoirid, tha £10,000 de dh’obair càraidh dèanta air an drochaid chrochte.

Seallaidhean àghmhor bhon drochaid

Tha a mheanbh-aimsir fhèin aig bonn na gile a dh’fhaodas a bhith puing no dhà nas blàithe na ìre talmhainn. Tha seo a’ comasachadh do ghnèithean air leth, mar am breabadair-ladhrach, soirbheachadh agus cur gu mòr ri inbhe na gile mar Làrach de Shùim Shònraichte Shaidheansail.

Thuirt Kirsten Makins, Manaidsear Pròiseact Maoin Dualchais Nàdarra is Cultarach: ‘Tha Bealach Gil a’ Choire Shalaich na ghoireas mìorbhaileach a mheudaicheas cothrom luchd-tadhail air aon de na Tèarmainn Nàdair Nàiseanta as ainmeile ann an Alba. Tha an t-ionad seo a tha air a dhealbhadh cho grinn, còmhla ri lìonra tarraingeach de shlighean, na eisimpleir fìor mhath de mar a tha a’ Mhaoin Dualchais Nàdarra is Cultarach a’ cuideachadh phròiseactan gu inbheisteadh anns a’ Ghàidhealtachd ’s na h-Eileanan. Tha sinn a’ cur mealadh naidheachd air Urras Nàiseanta na h-Alba airson crìoch a chur air a’ phròiseact bhrosnachail seo a chuidicheas luchd-tadhail gu mòr gu tlachd a ghabhail à dualchas mìorbhaileach nàdarra is cultarach na h-Alba.’

Thuirt Laura Chow, Ceannard Charthannasan aig People’s Postcode Lottery: ‘Tha sinn dìreach air ar dòigh gun cuidich maoin air a togail leis na cluicheadairean againn, le ruigsinneachd a leasachadh agus eòlas an luchd-tadhail àrdachadh aig Gil a’ Choire Shalaich, le bhith a’ cur taic ri obair air na frith-rathaidean agus eadar-mhìneachaidh aig an Tèarmann Nàdair Nàiseanta iongantach seo. Chaidh Crannchur Còd-puist nan Daoine a chruthachadh gus taic fad-amail a sholarachadh do charthannasan, agus tha sinn moiteil taic a thoirt do dh’Urras Nàiseanta na h-Alba le obair gleidhidh dheatamach tro phròiseact Love Our Nature.’

logos for People's Postcode Lottery and Postcode Earth Trust

Explore Corrieshalloch

Visit now